home :: site contents :: contact     




The Holy Bible (with Commentary)
The Psalms (for singing)

Scottish Gaelic Turkish

Foreign Languages
Law and Grace
Short Articles

Doctrinal Articles
Stories of Faithful Christians
Famous Letters
Sermons

Summary of Bible Teaching

The Christian’s Great Interest
Gospel Mystery of Sanctification

Pilgrim’s Progress

Christian Clothing

Other Online Books

 


 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

 

        The Holy Bible: John 3:11-21 in Gaelic

 

AN SOISGEUL A REIR EOIN (THE GOSPEL ACCORDING TO JOHN)

 

Caib. III. 11-21 

 

 

11Gu deimhin deimhin tha mi ag ràdh riut, gu bheil sinne a’ labhairt an ni a’s fios duinn, agus a’ toirt fianuis air an ni sin a chunnaic sinn; agus cha ghabh sibhse ar fianuis.

 

12Ma dh’innis mi dhuibh nithean talmhaidh, agus nach creid sibh, cionnus a chreideas sibh ma dh’innseas mi dhuibh nithean nèamhaidh?

 

13Agus cha deachaidh aon neach suas do nèamh, ach an ti a thàinig a nuas o nèamh, Mac an duine a tha air nèamh.

 

14Agus mar a thog Maois suas an nathair ’s an fhàsach, is ann mar sin is éigin do Mhac an duine bhi air a thogail suas:  

 

15Chum as ge b’e neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gu’m bi a’ bheatha mhaireannach aige.

 

16Oir is ann mar sin a ghràdhaich Dia an saoghal, gu’n d’thug e ‘aon-ghin Mhic féin, chum as ge b’e neach a chreideas ann, nach sgriosar e, ach gu’m bi a’ bheatha shìorruidh aige.

 

17Oir cha do chuir Dia a Mhac do’n t-saoghal, chum gu’n dìteadh e an saoghal, ach a chum gu’m bitheadh an saoghal air a shaoradh trìd-san.

 

18An ti a chreideas ann, cha dìtear e: ach an ti nach creid, tha e air a dhìteadh cheana, a chionn nach do chreid e ann an ainm aoin-ghin Mhic Dhé.

 

19Agus is e so an dìteadh, gu’n d’thàinig an solus do’n t-saoghal, agus gu’n do ghràdhaich daoine an dorchadas ni’s na’n solus, a chionn gu’n robh an gnìomharan olc.

 

20Oir gach neach a thadeanamh uilc, tha e ’toirt fuatha do’n t-solus, agus cha-n’eil e ’teachd chum an t-soluis, air eagal gu’m bitheadh oibre  air a chronachadh.

 

21Ach an ti a ni an fhìrinn, thig e chum an t-soluis, chum gu’m bi ’oibre follaiseach, gur annan Dia a rinneadh iad.